Waterbeck
Waterbeck | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 04' 60″ Tuath 03° 10' 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 320 () |
Àireamh fòn | 01576 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Waterbeck.[1] Tha e suidhichte aig 92m os cionn ìre na mara,[2] air an àide an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Middlebie agus Langaim, faisg air inbhir na h-aibhnichean Beck agus Kirtle.[3] Tha e 239km air falbh bho Obar Dheathain, 110km bho Ghlaschu, 27km bho Dhùn Phrìs agus 96km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann am Waterbeck. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Logarbaidh. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile ann.[5] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh.[7]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais bekkr a tha ainm an àite seo.[8] Bheireadh sin Allt an Uisge dhuinn sa Ghàidhlig. Gu h-inntinneach, 's e Beck fhèin a t-ainm a tha air an allt a shruthas faisge air a' bhaile. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Falling Rain
- ↑ Scottish Places
- ↑ Distance From
- ↑ Geograph
- ↑ A'Chomhairle
- ↑ Lockerbie Academy
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Ordanance Survey
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck