Jump to content

Loch Mhabain

O Uicipeid
Loch Mhabain

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 07′ 41″ Tuath
03° 26′ 28″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Loch Mhabain. Tha e suidhichte aig 56m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Torthorwald agus Applegarthtown, ri taobh trì lochan: Loch na h-Eaglaise, Loch a' Chaisteil agus Loch a' Mhuillinn.[3] Tha e 240km air falbh bho Obar Dheathain, 96km bho Ghlaschu, 12km bho Dhùn Phrìs agus 93km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Loch Mhabain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsda[5] agus dà thaigh-seinnse ann.[6] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann[7] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh. Ann an 2020 bha 2180 duine a' fuireach an seo.[8]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à an seann chuimris mabon a tha ainm a' bhaile,[9] a' toirt dhuinn Loch Mhabain neo Loch Mhacain sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.

Chaidh Caisteal Loch Mhabain a thogail an seo anns an 13mh linn. Canar cuid gun do rugadh Raibeart I na h-Alba an seo. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 66 duine à Loch Mhabain bàs sa Chogadh Mòr[10] agus seachd duine deug eile san Dàrna Cogadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[11]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Scottish Places
  2. Elevation Map
  3. Fish Pal
  4. Distance From
  5. Crown Hotel
  6. beer in the evening
  7. Lochmaben Primary
  8. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society, duilleagan 147-148
  10. Scottish War Memorials Project
  11. NRS

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NY 081 825