Beattock
Beattock | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 18′ 29″ Tuath 03° 27′ 29″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 350 (2001) |
Àireamh fòn | 01683 |
Duilleag oifigeil | Beattock aig Scottish Places |
'S e baile beag dùthchasail faisg air a' Mhagh Fada, air àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Beattock. Tha e suidhichte aig 158m os cionn ìre na mara,[1] air àirde ann ear-thuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Langaim agus An t-Seann Chathair, ri taobh na h-aibhne Anainn. Tha e 26km air falbh bho Dhùn Phrìs, 77km bho Ghlaschu, 109km bhon An t-Sròn Reamhar agus 74km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 350 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Beattock. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Tha taigh-òsta[4] agus taigh-seinnse[5] anns a’ bhaile cuideachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Fada.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Gàidhlig Beath-achadh le co-chàradh Bheurla ann an a tha ainm an àite seo.[7] Bheireadh sin Achadh Bheithe dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha iomadh ainm-àite dà-chànanach ann an Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[8]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Beattock air a bhith na ionad-stad fad nan linntean. Bha rathad Ròmanach ann agus daingneach neo dhà cuideachd.[9] Chruthaich Thomas Telford rathad eile aig toiseach tòisichidh an 19mh Linne. Chaidh loidhne-rèile a thogail an seo leis a' Chompanaidh Caledonian Railway ann an 1847 ach chaidh e a dhùnadh ann an 1972.[10] Nochd e san leabhar The Thirty-Nine Steps a sgrìobh John Buchan.
Tha an M74, a thogadh ann an 1966, dìreach ri taobh a' bhaile agus tha an t-Slighe Àrd a Deas air a bhith a' dol tron bhaile bho 1984[11] agus an t-Slighe Dhail Anainn bho 2009.[12]
Bha an teaghlach Johnstone gu math làidir an seo bho 12mh Linn gus an 18mh Linn. Thog iad daingneach air a bheil Lochwood, a chaidh a losgadh leis na Maxwell ann an 1585.[13] A rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair ceithir duine thar fhichead às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[14] agus seachdnar eile san Dàrna Cogadh.
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile: An X74 Dùn Phrìs - Am Magh Fada - Glaschu agus an 114 Dùn Phrìs - Beattock - Am Magh Fada.[15]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Meteo Consult
- ↑ Distance Calculator
- ↑ A' Chomhairle[dead link]
- ↑ Auchen Castle Hotel
- ↑ The Old Stable
- ↑ Beattock Primary[dead link]
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
- ↑ Southern Upland Way
- ↑ Annandale Way
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ War Memorials Project
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck