Powfoot
Powfoot | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 58′ 60″ Tuath 03° 19′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 400 (2011) |
Àireamh fòn | 01461 |
Duilleag oifigeil | Powfoot aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Ruadhail air iomall Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Powfoot. Tha e suidhichte aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Greatna agus Dùn Phrìs, ri beulaibh tràigh àlainn ann am Bàgh Queensberry, ri taobh an Uisge Pow,[2] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh. Tha e 37km air falbh bho Bheattock, 111km bho Ghlaschu, 108km bhon An t-Sròn Reamhar agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 400 duine a’ fuireach anns agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Powfoot. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd: tha raon goilf ainmeil[3] agus campa carabhanaichean ann.[4] A thaobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean idir ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Clarencefield neo Comar na Drise agus dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Poll ann an Gàidhlig, Cuimris agus Lochlannais agus foot anns a' Bheurla (a tha a' ciallachadh cas) a tha an t-ainm.[5] Bheireadh sin Bun a' Phuill dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S ann gu math làidir 's a tha buaidh nan Lochlannach air ainmean-àite ann an iar-dheas na h-Alba,[6] gu h-àraidh faisg air a' mhuir: tha iomadh ainm-àite dà-chànanach Gàidhealach-Lochlannach agus 's ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba cuideachd. A bharrachd air sin, nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phris fhèin anns an 14mh Linn.[7]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Falling Rain
- ↑ A' Chomhairle[dead link]
- ↑ Powfoot Golf Club
- ↑ Queensberry Bay Camping
- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Ordnance Survey
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck