Eskdalemuir
Eskdalemuir | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 16′ 08″ Tuath 03° 10′ 37″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 256 (2001) |
Àireamh fòn | 013873 |
Duilleag oifigeil | Duilleag na Sgìre |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air na crìochan le Comhairle nan Crìochan, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Eskdalemuir. Tha e suidhichte aig 219m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Ghall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Hamhaig agus Am Magh Fada, ri taobh na h-aibhne Easg.[2] Tha e 218km air falbh bho Obar Dheathain, 91km bho Ghlaschu, 31km bhon Dùn Phrìs agus 76km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eskdalemuir. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile san sheann sgoil, air a bheil an Hub, amharc-lann/stèisean aimsire[3] agus tèarmann nam Budach[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan sgoil ann am Logarbaidh neo Langaim, leis nach eil ach 256 duine a' fuireach shuas an seo. 'S e an t-àite as fhliche an Alba air fad a th'ann.[5]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Nuair a ràinig na Ròmanaich s' ann leis na Selgovae a bha an sgìre seo agus chithear tobhtaichean ro eachdraidheil air bàrr gach cnoc is beinn mu thimcheall a' bhaile.[6] Taobh creideamh, chaidh eaglais snasail a thogail ann an 1836 agus chruthaich fògarraich à Tibet tèarmann dhaibh an seo ann an 1965. Chaidh am stèidhichear, Dr Akong Rinpoche, a mharbhadh ann an 2013.[7] Bha bun sgoil ann, ach dhùnadh ann an 2006 i[8] oir cha robh ach dithis sgoilear ann. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair sia duine deug à Eskdalemuir bàs sa Chogadh Mòr[9] agus ceithrear eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Elevation Map
- ↑ Walk Highlands
- ↑ Eskdalemuir Magnetic Observatory
- ↑ Samyeling
- ↑ Oifis na Sìde
- ↑ Scottish Places
- ↑ Southern Reporter
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck