Jump to content

Dòrnach, Siorrachd Dhùn Phris

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dòrnach (Siorrachd Dhùn Phrìs))
Dòrnach
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 58′ 59″ Tuath
03° 12′ 07″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 23.38 km²
Àireamh fòn 01461

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Ruadhail, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Dòrnach (Beurla: Dornock).[1] Tha e suidhichte aig 19m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Inbhir Anainn agus Eastriggs, ri taobh an Uillt Dhòrnaich, a shruthas dhan Linne Shalmhaigh an dèidh a' bhaile. Tha e 249km air falbh bho Obar Dheathain, 115km bho Ghlaschu, 24km bho Dhùn Phris agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dòrnach. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha taigh-spadaidh ann.[4] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Eastriggs[5] agus dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à dobhar sa a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[7] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Cuimris Durn agus am meanabhan og a tha e,[8] gu seachd-àraidh ar sàilleabh an fhuaim k a th' ann an t-ainm sa Bheurla. Bheireadh sin Àite nan Clachan Beaga dhuinn. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.

Chithear clachan Lochlannach bhon 13mh Linn air a bheil druim nam muc sa chladh. Thogadh eaglais an seo an an 1793 agus leasachadh ann an 1884.[9] Chuireadh glainne dhathte neo dhà a-steach ann an 1893, air an dèanamh le Ballantine is Gardiner. Tha clag air dhìth o chionn 's gun do ghoid na Sasannaich e: tha e ri fhaicinn ann an Tèarmann thall ann am Bowness-on-Solway. Tha an eaglais seo ag obair ann an co-bhann leis an t-sean eaglais ann an Inbhir Anainn.[10]

Thachair cath eadar Arm na h-Alba[11] agus feachd Shasannach an seo ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 1333.[12] Chuir na Gall ruaig air fir na h-Alba, mar a sgrìobh am bàrd Anndra Wyntoun:[13]

That ikle tyme at Lowchmabne/An turas so an Loch Mhabain
Off Annandyrdale the floure was tane/Chaidh am flùr a thoirt bho Srath Annan

With off the West Marche men/Daoine crìochan an iar
That had thame in till Ingland then/am bruid gu Sasainn
Amang thaim Williame of Dowglas/Uilleam Dubhghlas nam measg
Takyn an till presone was/Chaidh e a thoirt don phrìosan
That was bot erlys for to tell/A bha ach tràth ri innse
Off infortwne that efftyr fell/Bu truagh na thachair dha

Chaidh Na Seumasaich seachad air Dòrnach air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[14] Thogadh loidhne-rèile eadar Glaschu agus Cathair Luail ann an 1848, le stèisean ann an Dòrnach. Bha an stèisean a dhùnadh fad 11 bliadhna bho 1854 gu ruige 1865.[15] Chaidh ainm an stèisein atharrachadh gu Eastriggs ann an 1923, agus dhùnadh e a-rithis ann an 1965. Tha an loidhne-rèile fhathast ann. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 19 duine à Dòrnach bàs sa Chogadh Mòr[16] agus 18 eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dictionary Detail - Dòrnach”. Am Faclair Beag. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2019.
  2. Elevation Map
  3. Distance Calculator
  4. Scotbeef
  5. A' Chomhairle[dead link]
  6. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. The Brittonic Language in the Old North
  9. Scotland's Churches
  10. Presbytery of Annan and Eskdale
  11. English Monarchs
  12. The Douglas Archives
  13. Wyntoun, Anndra, The Original Chronicle of Scotland, F. J. Amours (Deasaiche), 1907
  14. Am Baile[dead link]
  15. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199.
  16. Scottish War Memorials Project