Jump to content

Vopnafjörður

O Uicipeid
Vopnafjörður
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Sgìre Austurland
Co-chomharran 65° 45' 24 Tuath
14° 49' 56 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,903 km²
Àireamh-shluaigh 695 (2019)
Dlùths 0.37/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile agus port air an àirde an ear Innis Tìle a th' ann am Vopnafjörður' (IPA: vɔhpnaˌfjœrðʏr). Tha e suidhichte faisg air Egilsstaðir, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Austurland (Roinn an Ear), ri taobh na h-aibhnichedan Hofsá agus Selá, 641km air falbh bho Selfoss agus 601km bho Garðabær.[2] Tha 695 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air iasgach agus turasachd. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðausturkjördæmi.[4]

Chaidh Vopnafjörður a chlàradh airson a' chiad turais anns an Landnámbók.[5]

Steinbjörn körtur hét son Refs hins rauða; hann fór til Íslands og kom í Vopnafjörð. Eyvindur föðurbróðir hans gaf honum land allt milli Vopnafjarðarár og Vestradalsár; hann bjó að Hofi.

B' e Steinbjörn Kurts a bh' ann mac Ref Ruadh; Chaidh e a dh'Innis Tìle agus thàinig e a Vopnafjörður. Thug bràthair a mhàthar Eyvindur fearann dha air an t-slighe eadar Vopnafjörður agus Vestradalsá; b' ann ann an Hof 's a bha e a' fuireach.

B' ann gu math bochd's a bha an sgìre 's a tha seo o chinn linntean agus b' e Vopnafjörður an t-aite a chaill an uiread as motha de dhaoine a dh'fhàg an dùthaich 's a tha seo airson nan Stàitean anns an 19mh Linn. Bha na daoine cho bochd gun deach iad a' fuireach shuas air a' Bheinn anns an talamh nach robh cho daor. Sgrìobh Halldór Laxness mu dheidhin si n anns an nobhail Sjálfstætt fólk (1934/1935).[6] Dh'fhosgail companaidh malairt às An Danmhairg, air an robh Ørum & Wulff, post-malairt an seo anns an 19mh linn. Chaidh bùth co-obrachaidh a stèidheachadh an seo ann an 1918. Bhris a' chompanaidh ann an creideas ann an 2004.

Freumh-fhaclachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm a' ciallachadh Loch Mara an Armaidh sa chànan aca, bho fjörður (loch mara) agus Vopn (Armadh).

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Falling Rain
  2. Global Feed Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. Snerpa
  6. Gljufrasteinn

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Duilleag oifigeil