Jump to content

Astatain

O Uicipeid


Astatain
Bha Emilio Segrè anns an sgioba a rinn astatain ann an 1940.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla At
Àireamh 85
Buidheann Haloidean (17)
Ùine 6
Bloca p
Seòrsa Haloidean
Buadhan stuthach
Dath Chan eil fhios againn
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da (210) neo-sheasmach
Comh-dhealbhadh atamach [Xe] 4f14 5d10 6s2 6p5
Cor ogsaideachaidh +7, +5, +3, +1, −1
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 899.003

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an astatain le samhla At agus àireamh atamach 85.[1] Tha e cho rèidio-bheò 's gum biodh sampla faicsinneach a' deatachadh leis an rèididheachd agus tha na feartan astatain fhathast mì-shoilleir. Tha astatain glè rèidio-bheò agus cha lorgar seo ann an àrainneachd. Rinneadh caractarachd ri 37 iosatòpaichean de dh'astatain. Tha an leth-bheatha aig an iosatòp as seasmhaiche, 210At, 8.1 uairean a thìde.

Ann an 1940 rinn Dale R. Corson, Kenneth Ross MacKenzie agus Emilio G. Segrè astatain aig an Oilthigh Chalafòrnia, Berkeley le greasadair-mhìrean. Dh'ainmich iad astatain air a' Ghreugach ἄστατος, "neo-sheasmhach".

Tha luchd-saidheans a' rannsachadh astatain-211 ann an gath-leigheas. 'S e tobar mìrean-alpha a tha ann agus tha a leth-bheatha 7.21 uairean a thìde. Mar aidhodain, tha astatain a' co-chàrnadh anns a' fhàireag sgiathach.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. astatain”. An Seotal. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.