Sievierodonetsk
Sievierodonetsk Сіверськодонецьк
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Luhanska Oblast | ||||
Sgìre | Sievierodonetskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 56 35' Tuath 38° 29 36' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 50 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 101,135 (2021) | ||||
Dlùths | 2,022.7/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 6452(645) | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr faisg air Kramatorsk agus Luhansk san Ucràin a th' ann an Sievierodonetsk (Ucràinis: Сіверськодонецьк, IPA: siwɛrsʲkodoˈnɛtsʲk). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Siverskiy Donets, san roinn Luhanska Oblast. Tha 101,135 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Cha b' ann ach ann an 1934 a chaidh am baile a stèidheachadh, leis gun do thogadh taigh-ghnìomhachais a dhèanadh stuth-mathachaidh à Naitridean, faisg air làimhe air an taobh thall na h-Aibhne an Lysychansk. Thogadh cuideachd taigh-ghnìomhachais bhreigichean an seo ann an 1935. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh feachdan Nàsach eadar 1942 agus 1943 ri linn An Dàrna Cogaidh.Chanadh Liskhimstroi gu ruige 1950. Ann an 1991, thàinig Sievierodonetsk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Thug feachdan na Ruise ionnsaigh air an Ucràin ann an 2022 agus rinn iad seo fìor dhroch sgrios air a' bhaile.[1]
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Sievierodonetsk a' bruidhinn (69.85%), ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd (29.19%).[2] A dh'aindeoin sin, 's e fèin-aithne ucràineach 's a tha aig a' mhòr cuid nan daoine ann an Sievierodonetsk (59%), gu brìgh an cànan a tha ga bhruidhinn ann. Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Sievierodonetsk sa chiad leth dhen 20mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[3] A dh'aindeoin sin, thoisich an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Sievierodonetsk a thuiteam an dèidh 1989, nuair a bha àireamh-sluaigh a' bhaile aig an ìre na b' àirde a bha i a-riamh.
1939 | 1959 | 1970 | 1979 | 1989 | 2001 | 2010 | 2020 |
---|---|---|---|---|---|---|---|
5.240 | 33.180 | 90.036 | 113.041 | 131.376 | 119.940 | 111.487 | 102.396 |
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Ihor Berkut (1964): Neach-poileataigs.
- Irina Antanasijević (1965): Cànanaiche agus eadar-theangair.
- Snejana Onopka (1986): Modail.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ ABC
- ↑ Ukcensus
- ↑ Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.