Pàrtaidh Comunnach Romàinia
Partidul Comunist Român Pàrtaidh Comunnach Romàinia | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 8 an Cèitean 1921 gu 22 an Dùbhlachd 1989 |
Luchd-stèidheachaidh | Gheorghe Cristescu, Vitali Holostenco, Elek Köblös, Boris Stefanov |
Àite-Stèidheachaidh | Bucharest |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Co-mhaoineas agus Stalineachd |
Cathraiche | Ana Pauker, Gheorghe Gheorghiu-Dej agus Nicolae Ceauşescu |
Riaghaltas | 1944 - 1989 |
B' e partaidh poileatagach à Romàinia a bha a' gabhail ri Co-mhaoineas agus Stalineachd a bh' ann am Partidul Comunist Român (IPA: parˈtidul kɔmunˈist rɔˈmɨn, giorrachadh: PCR, Gàidhlig: Pàrtaidh Comunnach Romàinia).[1] Chaidh am PCR a stèidheachadh tron sgarradh on Phartidul Social Democrat Român (Gàidhlig: Pàrtaidh Comunnach Romàinia) ann am Bucharest ann an 1921. Cha do ghabh am PCR pàirt ann an taghadh no taghadh eadar na cogaidhean leis gu robh e fo thoirmeasg bho 1924 gu ruige deireadh an Dàrna Cogaidh.[2] Ghabh am Pàrtaidh os làimh Riaghaltas na dùthcha, le taic on Aonadh Sobhiatach, ann an 1944 agus chumadh e Ròmainia fo smachd, agus gu math dlùth air Stalin, gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989.[3] B' i Ana Pauker (Hana Rabinsohn) a bh' anns a' chiad cheannard comunnach na dùthcha ach chaill i a dreuchd ann an cur-fodha an aghaidh Iùdhaich sa Phàrtaidh, ann an 1952. Fhuair Gheorghe Gheorghiu-Dej ceannas na dùthcha gus a chaochail e le aillse ann an 1965. Chuireadh Nicolae Ceauşescu na àite, ach chaidh esan a chur gu bàs ann an Târgoviște ann an 1989. B' e Uniunea Tineretului Comunist (Gàidhlig: Aonadh nan Comannach Òga) a bh' ann a bhuidheann òigridh agus b' e Scînteia (Gàidhlig: An Sradag) a bh' ann pàipear-naidheachd a' pàirtidh.[4]
Buill a' Phàirtidh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Keith Hitchins, România 1866-1947. Ediția a IV-a, Bucharest, 2013, ISBN 978-973-50-3922-6
- ↑ Dinu C. Giurescu, Cade Cortina de Fier. România 1947, Documente diplomatice. Editura Curtea Veche, Bucharest, 2002
- ↑ Dennis Deletant, Teroarea comunistă în România. Gheorghiu-Dej și statul polițienesc, 1948-1965, Polirom, 2001, Iași, ISBN 973-683-783-1
- ↑ Adevǎrul