Neskaupstaður
Neskaupstaður | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Ceàrn | Fjarðabyggð |
Sgìre | Austurland |
Co-chomharran | 65° 8' 55 Tuath 13° 42' 00 Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,437 (2011) |
Àireamh fòn | + 354 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile agus port air an àirde an ear Innis Tìle a th' ann an Neskaupstaður' (IPA: ˈnɛːskøy̑pstaːðʏr). Tha e suidhichte faisg air Egilsstaðir, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Austurland (Roinn an Ear), ri taobh na h-aibhnichedan Hofsá agus Selá, 703km air falbh bho Reykjavík agus 315km bho Akureyri.[2] Tha 1,437 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air iasgach agus turasachd. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðausturkjördæmi.[4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an t-àite a chlàradh airson a' chiad turais ann an caibideil 80 dhen Landnámabók mar Nes:[5]
Egill hinn rauði hét maður, er nam Norðurfjörð og bjó á Nesi út; hans son var Óláfur, er Nesmenn eru frá komnir.
B' e Egil Ruadh an duine a thàinig gu Norðurfjörður agus a dh'fuirich ann an Nes; bhuinneadh a mhac Olaf, do shliochd Nesmen.
Chaidh am baile Neskaupstaður a stèidheachadh ann an 1892 mar bhaile iasgaich air oirthir Norðfjörður, air làrach tuathanais air an robh "Nes". Anns an 20mh linn, fhuair am baile am far-ainm Litla Moskva (Moscobha beag) air sgàth an taobh poilitigeach sòisealach a bha aig an t-sluagh. Chaidh film a dhèanmh mun chùis ann an 2018.[6] Chaochail Jón Magnússon, seann phrìomh-mhinistear Innise Tìle am seo ann an 1926.[7] Suas gu 1949, cha robh rathad dhan baile idir is na daoine a' tighinn ann air bàta. Thachair tachartas duilich anns a' bhaile ann am meadhan nan 70an nuair a rinn maoim-sneachda fìor dhroch sgrios air grunn thaighean agus chaochail 12 duine.[8] Chaidh carragh-cuimhne a thogail anns a' phàirc bheag ann am meadhan a' bhaile mar chuimhneachan air. Anns an eadar-ama, tha an àite air a dhèanamh nios tèarainte le structaran farsaing. Thàinig Neskaupstaður còmhla ri Eskifjörður agus Reiðarfjörður ann an 1998 gus an sgìre-bhaile ùr Fjarðabyggð a chruthachadh. Fhuair a' chompanaidh Seiceach Metrostav cùmhnant airson tunail ùr a thogail eadar Eskifjörður agus Neskaupstaður ann an 2013. Thòisich cladhach an tunail - a tha 7,908 meatair a dh' fhaid - fo shuidheachadh geòlais agus gnàth-shìde gu math duilich.[9] Chaidh an tunail, ris an canar Norðfjarðargöng, fhosgladh air Disathairne 11 Samhain 2017 le Ministear Còmhdhail Innis Tìle, Jon Gunarson, tosgair Seiceach Knot Jaroslav agus riochdairean bho bhuidhnean agus chompanaidhean fa leth.
Freumh-fhaclachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm a' ciallachadh Làrach Ceannachd an Rubha sa chànan aca, bho Nes (Rubha), Að Kaupa (Ceannachd) agus Staður (Làrach).
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Tryggvi Ólafsson: (1940 - 2019) - Peantair.[10]
Bailtean Co-ceangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Falling Rain
- ↑ Global Feed Distance Calculator
- ↑ Hagstofa Íslands
- ↑ Alþingi
- ↑ Serpa
- ↑ Kvikmyndavefurinn
- ↑ Alþingi
- ↑ Landmælingar Íslands (Hrsg.): Vegahandbókin. 2006, S. 412.
- ↑ Vegagerðin
- ↑ Morgunblaðið