Lelystad
Coltas
Lelystad
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Flevoland | ||||
Co-chomharran | 52° 31 00' Tuath 05° 29 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 765.39 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 73,116 (2008) | ||||
Dlùths | 95.53/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 0320[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr, port[2] agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Almere, ann an cridhe nan Tìrean Ìsle a th' ann an Lelystad (IPA: leːlistɑd). Tha e suidhichte aig -3m fo ìre na mara,[3] anns an roinn (Duitsis: provincie) Flevoland, 43km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 95km bho Rotterdam, 93km bho Den Haag, 110km bho Tilburg agus 52km bho Utrecht.[4] Chaidh Lelystad a chruthachadh ann an 1967. Tha 73,116 duine a' fuireach ann.[5] A bharrachd air sin, ‘ s e prìomh-bhaile na roinne a th’ann an Lelystad.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Jolijn van Valkengoed (1981): Snàmhadair.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Lelydorp[6]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Utopia
- ↑ Marine Traffic
- ↑ Altitude Maps
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Centraal Bureau voor de Statistiek
- ↑ DB City[dead link]