Lausanne
Lausanne
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Vaud | ||||
Cànan | Fraingis | ||||
Co-chomharran | 46° 31 19′ Tuath 06° 38 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 41.38 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 127,821 (2010) | ||||
Dlùths | 3,088.96/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 21 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.lausanne.ch |
‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na h-Eilbheis a th’ ann an Lausanne (IPA: loˈzan, Eadailtis/Rumantsch: Losanna, Laideann: Lausonium). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Dùn Louso (Lousodunum), bhon fhacal Ghallais dunum is chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 280 mar Lacu Lausonio.[1] Tha e suidhichte aig 429m os cionn ìre na mara[2] ri taobh Loch Léman air an taobh bhon An Fhraing, anns an roinn (Fraingis Canton) Vaud, dìreach 17km air falbh bho Vevey 173km bho Zürich, 50km bho Ghenève agus dìreach 78km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 127,821 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 4mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[4] ‘S e Fraingis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Lausanne.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e prìomh-bhaile na Poblachd Rhodàinia a bh' ann bho 1802 gu ruige 1810.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Jean-Philippe de Chéseaux (1718 – 1751) Reul-eòlaiche.
- Adrien Pichard (1790 – 1841): Ailtire.
- Eugène Renevier (1831 – 1906): Eòlaiche-talmhainn.
- Jules Piccard (1840 – 1933): Ceimigear.
- Alejo Carpentier (1904 – 1980) Sgrìobhadair Cùbanach.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Osijek[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dictionnaire Historique de la Suisse
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ World Gazetteer
- ↑ Grada Osijeka