Jump to content

Kyivska Oblast

O Uicipeid
Kyivska Oblast
Ки́ївська о́бласть
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Prìomh-bhaile Kyiv
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 28,131 km²
Àireamh-shluaigh 1,788,530 (2021)
Dlùths 63.58/km²
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Kyivska Oblast (Ucràinis: Ки́ївська о́бласть, ainm neo-fhoirmeil: Kyivshchyna). 'S e Kyiv a tha a' riaghladh na Kyivska Oblast, ged nach eil Kyiv na phàirt na roinne fhèin. 'S ann dhan Kyivska Oblast a bhuinneas an Raon Às-dùnadh Chernobyl.[1]

Bhuinneadh talamh na h-Oblast dhan Hetmanshchyna (stàit Chosagach, Ucràinis: Гетьманщина) bho 1649 gu ruige 1764.[2] Chaidh an Oblast fhèin a chruthachadh ann an 1932. B' e an Oblast seo, a bharrachd air Kharkivshchyna, a dh' fhuiling na bu mhotha agus na bu mhiosa na àite sam bith eile san dùthaich ri linn Gort na h-Ucràine (Ucràinis: Голодомо́р) eadar 1932 agus 1933.[3] Chaochail 1,110,800 leis an acras.[4] Bhòt 95.52% nan daoine ann an Kyivska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[5] Air 15 an Giblean 2022 thuirt Andriy Nebytov, ceannard na poileis ann an Kyivska Oblast, gun do lorgadh mu 900 cuirp sìobhaltach fad Kyivshchyna, mar thoradh air a' bhuirbeachd a rinn feachdan na Ruise ri linn Ionnsaigh na Ruise air An Ucràin ann an 2022.[6]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean ann an Kyivska Oblast

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ukrexport
  2. Українська козацька держава
  3. Holodomor Museum
  4. Harvard
  5. Soviet History
  6. France 24

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Mapaichean