Jump to content

Innleadaireachd

O Uicipeid

Is ann an innleadaireachd am proifeasan a chuireas saidheans nàdurra an gnìomh a chruthaich goireasan freagarrach ri feumalachdan dhaoine. Canar innleadair, neach-innlichidh riutha a tha a' sas ann.

Is e freumh-fhacal de innleadair innlich, gnìomhair a tha a' ciallachadh a bhi cruthachadh rudan as ùr. Tha seo an co-mheas leis an fhacal Èireannach innealtoir a tha stèidhichte air an fhacal "inneal".

A dh'aindeoin sin, is e obair nan innleadair a bhith ri dhealbhadh agus ri dhèanamh innlean agus/neo obraichean ùr a fhreagaireas ri feum an latha. Tha bunachar na proifeasan a' dol ar ais ri linn nan righ, nuair a bha "innleadair" na h-oifigear arm le eòlas a thogail obraichean dìonaidh agus ionnsaigh (meinichean mar eisimpleir), còmhla le innealan chogaidh- muilnean fùdair is an leithid. Mu deireadh an 18mh linn chruthaich Iain Smeaton, an ceann iar na Sasainn, an stoidhle "Civilian Engineer", airson a fhèin agus esan a' tairgse seirbhisean teicniuil, stèidhichte air tuigse de feallsanachd-nadurra, anns an t-saoghal sìobhalta i.e. taobh a muigh laghan an arm. Bha seo co-aimsireil le toiseach de "Car a' Mhuiltean a' Ghnìomhachas", agus lorg Smeaton agus na Luchd-Innlichidh a thànaig as an déidh fèille airson na seirbhisean aca, an cruthachadh sgeamaichean airson canalaibh agus drochaidean còmhla le rathaidean, taighean solais, muilnean-uisge agus obraichean mèinnearachd, mus an deach iad a-steach, tràth 's an 19mh linn, air innealaibh-stoith, rathaidean-iarrainn agus roimhe deireadh an linn dealanachd agus conaltradh-dhealain. Anns an 20mh linn, chuir muileannan de innleadairean an saor-bheatha a-steach ri leasaicheadh de rèidio, itealanan, agus coimpiutairean, ged 's chaidh iad air ais cuideachd ri leasachadh de innealan chogaidh cumhachd-mhor gu leòr a dhèanamh milleadh air an t-saoghail.

Cha mhòr nach eil innleadair air dealbhadh neo air dèanamh a h-uile rud a chleachdas sinn gach latha! Carbad? Is e innleadairean a dhealbh e. Rathad? Is e innleadair a dhealbh e. Drochaid? Is e innleadair a dhealbh i. Solas dhealain? Is e innleadair a dhealbh sin, agus an uidheam gu lèir a tha cruthachadh an dealain agus h-uile sian eile a bhitheas na ruith air dealan.

Tuigsear gur e proifeasan ioma-fhillte a tha ann an innleadaireachd. Mar sin, 's an latha an diugh tha innleadaireachd roinnte eadar caochladh sgoiltean. Is iad na prìomh roinnean den phroifeasan:

  1. Innleadaireachd Shìobhalta: A ghabhas a-steach obraichean a tha stèidhichte air talmhainn, mar eisimpleir rathaidean, drochaidean, obraichean uisge. Is e sructar a tha anns gach nì de na h-obraichean seo.
  2. Innleadaireachd Mheiciniuil: A dhèiligeas le innealaibh de gach seòrsa.Inneal Mar eisimpleir taosgairean, innealan fuaghail, tractaran, muilnean gaoithe.
  3. Innleadaireachd Dhealanachd: A ghabhas a-steach uidheam de h-uile seòrsa a ruitheas air dhealain. Mar eisimpleir: muilnean-dhealain, loidhnichean dhealain, uidheam rèidio agus fònaichean-làimhe.