Halmstad
Halmstad
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Halland | ||||
Sgìre | Hallands län | ||||
Co-chomharran | 56° 40 00′ Tuath 12° 51 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 34.13 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 58,577 (2010) | ||||
Dlùths | 1,716.29/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 035 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.halmstad.se/ |
‘S e baile meadhanach agus port ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Halmstad (IPA: halmsta). Tha e suidhichte eadar Göteborg agus Helsingborg, aig Inbhir na h-aibhne Nissan, far a shruthas i dhan Kattegat, san sgìre Hallands län,[1] 426km air falbh bho Stockholm, 451km bho Uppsala agus 1,107km bho Luleå. Tha 58,577 duine a' fuireach ann.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1307.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: halmr (feur) agus stad (baile) a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Baile an Fheòir dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1231 mar Halmstæde.[4] Fhuair Halmstad - a bha beagan na b' fhaide shuas na h-aibhne na tha e a-nis - a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt bho Rìgh na Danmhairge ann an 1307. Ghluaiseadh meadhan a' bhaile dhan àite far a bheil e an latha an-diugh mu 1320, le cead bhon Phàp, nuair a bha trioblaid mhòr ann leis An t-Suain, a bheireadh ionnsaigh daonnan air Halmstad. Eadar 1400 agus 1530 b' ann ann an Halmstad a rèiteachadh cò a bhiodh na Rìgh air an Aonadh Kalmar. Thog an Rìgh Christian den Fjerde ballachan-dìona an seo. Chaidh am baile na smàl ann an 1619. Ann a 1645 thug an t-Suain seilbh air Halmstad. Dh'fhàs am baile fad an 19mh Linn air sàilleabh gu robhar a' togail taighean-gnìomhachais.[5]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Jonas Altberg (Basshunter) (1984)
- Carl Bildt (1949): neach-poileataigs.
- Dusan Djuric (1984): cluicheadair ball-coise
- Per Gessle (1959): ceòladair.[6]
- Bengt Samuelsson (1934): bith-cheimigear.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Michelin
- ↑ SCB
- ↑ Runeberg
- ↑ Nilsson, Sven A., (1968). Halmstads historia. Del 1, Den danska tiden. Halmstads stads historiekommtté. Libris 419680
- ↑ Bengtsson, Henry (1994). Halmstads industrihistoria del 1. Halmstad: Föreningen Gamla Halmstad. ISBN 91-630-2931-6
- ↑ IMDB