Girona
Girona
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Girona | ||||
Sgìre | Catalòinia | ||||
Co-chomharran | 41° 59' 04 Tuath 02° 49' 16 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 276.81 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 94,484 (2008) | ||||
Dlùths | 341.33/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 972 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr air an àirde an ear-thuath na Spàinne a th’ ann Girona (Catalanais, IPA: ʒi'ɾonə) neo Gerona (Spàinntis, IPA: xe'ɾona). Tha Girona suidhichte aig 117m os cionn ìre na mara,[1] aig inbhir na h-aibhnichean Ter, Onyar, Galligants agus Güell.[2] Tha Girona 581km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 98km bho Bharcelona, am baile as motha agus prìomh-bhaile Chatalòinia[3] Tha 94,484 daoine a’ fuireach ann an Girona,[4] an 9mh baile as motha ann an Catalòinia agus an 63 baile na Spàinne.[5] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Girona a th’ann Girona cuideachd.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha Freumh-fhaclachd an àite seo. Tha e coltach gur ann às an Abhainn Onyar (no Undarios o chionn fhada) a tha e. B’ e Kerunta a bh’ ann an t-ainm Ibearach agus chaidh sin atharrachadh gu Gerunda ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[6] Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimneachadh an ainm, a’ call an d eadar nan connragan, a’ toirt Girona dhuinn an latha an-diugh ann an Catalanais.[7]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[8]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Girona.[9] Cha tuit ach 728mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 445mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn:
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Lluís Llach i Grande (1948). Seinneadair.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Nashville, Na Stàitean Aonaichte
- Nueva Gerona, Cùba
- Reggio Emilia, An Eadailt
- Bluefields, Niocaragua
- Farsia, Sathara an Iar
- Albi, An Fhraing
- Perpignan, An Fhraing
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Ciutat de Girona
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Ciutat de Girona
- ↑ De Kerunta a Gerunda: Els Origens de la Ciutat, Palahi L., Nolla J.M., Vivo D. , Ajuntament de Girona, 2007, ISBN 9788484960478
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Aemet