Jump to content

Freiceadan Dubh

O Uicipeid
Suaicheantas ("nemo me impune lacessit") agus tartan an Fhreiceadain Duibhe


B'e a' chiad rèisimeid Ghàidhealach de dh'Arm Bhreatainn a bha anns an Fhreiceadan Dubh.

Chaidh a togail ann an Siorrachd Pheairt an 1737, mar bhuidheann armaichte de dh'fhir an àite, agus bha e mar dhleasdanas dha na saighdearan rathaidean a chàradh agus cumail na còrach.

Bha na saighdearean air an èideadh ann an còta dearg agus fèileadh. Chaith iad breacan an fhèilidh air an robh patran nan Caimbeulach ach le dathan anabarrach dorcha, is ann mar sin a fhuair iad am frith-ainm "Am Freiceadan Dubh". Às dèidh corra bhliadhnaichean, rinneadh rèisimeid san arm cheangailte dhiubh - an dà-fhicheadamh rèisimeid sa dhà no "The Forty and Twa" mar a theirte riutha sa Bheurla Ghallta.

Eachdraidh

Calum Mac a' Phearsain, oifigeach san Fhreiceadan Dubh a bha an sàs sa chùl-mhùtaireachd, 1743

Chuireadh am Freiceadan Dubh a-null dhan Fhraing ann an 1743, ach cha b' ann gun strì a rinneadh seo oir rinn a' chuid a bu mhotha de na saighdearan Gàidhealach cùl-mhùtaireachd ann an Lunnainn sa Chèitean, nuair a chaidh innse dhaibh gun rachadh an cur a-null thairis (bha seo calg-dìreach an aghaidh nan cùmhnantan breugach a rinneadh riutha nuair a liostaig iad sa chiad àite). Dh'fheuch iad ri màrsail gu tuath, ach chaidh an cuairteachadh agus dh'fheumadh iad strìochdadh; chaidh feadhainn a chrochadh aig Tùr Lunnainn.
Nuair a ràinig iad an Fhraing, bha iad an làthair aig Blàr Fontenoy (11 an Cèitean 1745); choisinn am rèisimeid deagh chliù fo chommand Diùc Chumberland.

Cha robh iad an Alba idir aig àm an Ar-a-mach Sheumasaich, 1745-1746, ach cha mhòr nach d'rinn an rèisimeid seirbhis sa h-uile cogadh a bha ann san robh Breatainn an sàs bhon àm sin. Am measg nam blàr, agus gu h-àraid iomraiteach, bha sèistean Ticonderoga ann an Cogadh nam Frangach 's nan Innseanach Ruadhach an Aimeireaga a tuath, Bhatairliù (1815), an Somme (1916), agus El Alamein (1942).

An rèisimeid an-diugh

Mhair an rèisimeid san arm ceangailte gu 2006, nuair a chaidh a cur còmhla ri Rèisimeid Rìoghail na h-Alba.

Tuilleadh Leughaidh - Gàidhlig

  • "Fionn" (Henry Whyte - beò 1852-1913), Naidheachdan Fìrinneach
    - cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta. Tha an sgeulachd bho bheul-aithris Earra-Ghàidheil, "Mac Dhonnachaidh Ionbhar-Atha", làn de dh'fhiosrachadh mun t-seiste fhuileachdach a rinneadh le na Breatannaich aig Dùn Ticonderoga ann an 1758.

Tuilleadh Leughaidh - Beurla

Faic cuideachd