Jump to content

Fèisean nan Gàidheal

O Uicipeid

Ged a tha iomadh ciall aig an fhacal 'fèis', don a mhòr-chuid de dhaoine an-diugh tha e co-ionnan ri iomairt nam Fèisean, buidheann de dh'fhèisean-teagaisg air feadh Alba far am bi daoine, is gu h-àraid daoine òga, ag ionnsachadh agus a' taisbeanadh nan ealan Gàidhlig.

Tha fèisean a' toirt cothrom do dhaoine a thighinn còmhla airson an sgilean ann an seinn, dannsa, dràma agus ceòl traidiseanta a leasachadh. Tha an teagasg beòthail agus spòrsail, ach proifeasanta agus eifeachdach. 'Se fèis-seachdain bhliadhnail am prìomh thachartas aig a' mhòr-chuid de na fèisean, ach tha àireamh nam fèisean a tha a' tabhann phrògraman de chlasaichean leanntainneach fad na bliadhna airson seirbhisean a chumail suas a' sìor-dhol am meud.

Fèis Bharraigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a' chiad fhèis a chur air bhog nuair a thòisich buidheann de phàrantan ann am Barraigh a' gabhail dragh gun robh dualchas an eilein a' dol bàs is nach robh an cuid chloinne ag ionnsachadh ceòl traidiseanta anns an sgoil. Mar dhòigh gus an suidheachadh seo a leasachadh chaidh a' chiad Fhèis Bharraigh a chumail anns an Eilean ann an 1981.

Nuair a chualas cho mòr is a shoirbhich le Fèis Bharraigh, thòisich coimhearsnachdan air feadh Alba a' cur nam fèisean aca fhèin air dòigh. Bha Fèis Bharraigh 21 bliadhna a dh'aois ann an 2002, agus 22 bliadhna bho 'rugadh' i, tha còrr is 35 fèisean ann, gach tè dhiubh ga ruith leis a' choimhearsnachd agus air a dealbhadh gus feumalachdan na sgìre a fhrithealadh. Tha a' mhòr-chuid de dh'Fhèisean fhathast gan ruith le comataidean saor-thoileach.

Iomairt Luachmhòr

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na sgilean a tha gan teagasg aig Fèisean air am meas mar phàirt air leth cudthromach de dh'fhoghlam neo-fhoirmeil dhaoine òga, agus lorgar dearbhadh air a-seo anns an ìre de thaic a tha pàrantan is saor-thoilich deònach a thoirt seachad. Nas cudthromaiche air fad, tha e cuideachd ga mheas gu luachmhor leis na com-pàirtichean òga iad fhèin. Aig ìre nàiseanta, tha na fèisean gam meas le tòrr mar tè de na h-iomairtean-ealain as luachmhor a th'ann do dh'òigridh an Alba.

Bithidh còrr is 3,500 dhaoine òga gach bliadhna a' gabhail pàirt anns na 37 Fèisean; tha 4 dhiubh seo gan cumail tro mheadhan na Gàidhlig. Tha còrr is 450 dreuchdan-teagaisg gan tabhann le Fèisean – 132 dhaoine – àireamh a tha, an cois luchd-obrach Fèisean nan Gàidheal agus Fèis Rois, co-ionnan ri 24.8 obraichean làn-tìde.

Tha na 37 Fèisean nam buill de dh'Fhèisean nan Gàidheal, agus tha Bòrd-stiùiridh Fhèisean nan Gàidheal air a thaghadh às a' bhallrachd, leis a' bhallrachd. Bithidh na Fèisean a' tighinn còmhla aig Co-labhairt Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal, agus tro chuirmean-ciùil nàiseanta an-dràsda is a-rithist. Tha fiosrachadh ga sgaoileadh tron chuairt-litir Faileas.


A' Sior Fhàs

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a tha iomairt na Fèisean air soirbheachadh agus mar a tha na bliadhnaichean air a dhol seachad tha atharraichean eile air a thighinn, ’nam measg Fèis Alba, a chuireadh air bhog ann an 1999 mar fhèis nàiseanta do chom-pàirtichean adhartach ’nan deugan agus ’nam ficheadan, agus Blas a chuireadh air bhog ann an 2005.

Tha fèisean nan samhla air sàr-obair anns na h-ealain do dh'òigridh agus neartachadh sgilean coimhearsnachd, agus tha iad a' tabhann àireamh nach beag de dh'obraichean, agus luach-airgid. Tha dealas airson cànan is cultur na Gàidhlig aig cridhe na h-iomairt agus bithidh Fèisean nan Gàidheal agus na fèisean a' strì an-còmhnaidh airson cothrom a leudachadh airson Gàidhlig a chleachdadh agus a bhrosnachadh anns na fèisean.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Fèis: The First Twenty-Five Years of the Fèis Movement, deasaichte le Kate Martin, Fèisean nan Gàidheal, 2006, ISBN 0952868741

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]