Cead-dealbhachaidh
’S e cead-dealbhachaidh (no “cead-dealbhaidh”, no “cead-planaidh”) (Beurla: planning-permission) an cead a tha a dhìth ann am Breatainn bhon chomhairle ionadail airson iomadh seòrsa leasachadh ùr, mus gabh obair-togail a dhèanamh no togalach no talamh a chur gu feum ùr. Sna suidheachaidhean sin feumar iarrtas-dealbhachaidh a chur chun na comhairle ionadail a’ mìneachadh dé bhios anns an leasachadh ùr agus càite am bi e. Théid an t-iarrtas an uair sin a shanasachd agus faodaidh neach sam bith no buidheann sam bith beachd a chur a-steach m’a dheidhinn.
Có a nì co-dhùnadh?
[deasaich | deasaich an tùs]’S e a’ chomhairle ionadail fhéin a nì co-dhùnadh air a’ mhór-chuid de dh’iarrtasan-dealbhachaidh. Tha feadhainn de na comhairlean air co-dhùnaidhean a ghluasad bhon mheadhan gu comataidhean ionadail. Is àbhaist do chomataidh de chomhairlichean ionadail na co-dhùnaidhean air iarrtasan dealbhaidh a dhèanamh, ged a tha a’ chuid is motha de na comhairlean a’ toirt ùghdarras don Àrd-oifigear Dealbhachaidh co-dhùnaidhean a dhèanamh air iarrtasan nach eil connspaideach, ach an déid iad air adhart nas luaithe. Ma tha gearanan an aghaidh iarrtas dealbhachaidh, tha e cha mhór cinnteach gun déid e chun na comataidh dhealbhachaidh. Feumaidh a’ chomataidh dhealbhachaidh a bhith mothachail de bheachdan a h-uile duine mus ruig iad co-dhùnadh air an iarrtas dealbhachaidh.
Ciamar a gheibhear a-mach mu iarrtasan dealbhachaidh?
[deasaich | deasaich an tùs]An dòigh as cinntiche ’s e sùil a chumail gach seachdain air na h-iarrtasan ùra a tha a’ nochdadh air làraich-lìn na comhairle ionadail (no sùil a chumail san àite cheart sa phàipear-naidheachd ionadail.
Brath gu Nàbaidhean. Nuair a chuirear iarrtas dealbhachaidh a-steach, feumar fios a chur gu nàbaidhean a tha dìreach taobh ris an leasachadh ùr. Ach chan eil dleastanas ann fios a chur gu nàbaidhean a tha fiù’s rud beag nas fhaide air falbh (ach ann an corra shuidheachadh, leithid aonta a thaobh togalaich a tha air liosta gléidhteachais).
Leigidh a’ chomhairle ionadail fios gach seachdain ris a’ Chomhairle Coimhearsnachd mun h-uile iarrtas dealbhachaidh san sgìre. Ach mura bheil a’ Chomhairle Coimhearsnachd a’ coinneachadh gu tric, agus mura bheil rùnaire aice a tha math air fiosrachadh a sgapadh, bidh an ùine seachad airson beachdan a chur a-steach.
Ciamar a chuirear beachdan a-steach
[deasaich | deasaich an tùs]A’ chiad cheum, ’s e fiosrachadh mionaideach fhaighinn mun iarrtas. San latha an-diugh, gheibhrear na planaichean air làraich-lìn na comhairle ionadail. Chithear iad cuideachd san oifis dealbhachaidh ionadail, agus bidh luchd na-oifise deònach mìneachadh a thoirt seachad air dé a tha na planaichean a’ ciallachadh.
Feumaidh beachdan a bhith ann an sgrìobhadh, agus bu chòir àireamh-bhratha an iarrtais a bhith riutha. Théid na beachdan fhoillseachadh air làraich-lìn na Comhairle: leis a sin, cha bu chòir fiosrachadh pearsanta mu dhaoine eile a bhith ann. Feumaidh iad a bhith a-stigh ron cheann-latha, agus faodaidh sin a bhith gu math teann. Ach gu tric, ma théid beachdan tòiseachaidh a chur a-steach ron cheann-latha, gabhaidh cur riutha fad beagan sheachdainean às déidh sin. Ged a tha daoine gu tric a’ dèanamh gearain an aghaidh iarrtas dealbhachaidh, tha e làn cheadaichte sgrìobhadh a-steach agus taic a chur ris an iarrtas.
Puingean a bhiodh iomchaidh sna beachdan
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha cuideigin a’ cur beachd a-steach gum bu chòir don chomhairle cead-dealbhachaidh a cheadachadh no a dhiùltadh, feumaidh e innse carson. Seo eisimpleirean de dh’adhbharan a tha iomchaidh:
- Poileasaich plana leasachaidh (faic gu h-ìosal)
- Buaidh air togalaichean is talamh agus an àrainn mun cuairt
- Fuaim, dragh is àileadh
- Solas an latha agus dìomhaireachd
- Coltas ri fhaicinn
- Truaillidheachd
- Ceistean àrainneachd
- Buaidh air gluasadan trafaig
- Barrachd trafaig
- Sàbhailteachd rathaid, agus faighinn a-steach
- Duilgheadasan pàircidh
- Buaidh air coisichean agus daoine air baidhseaglan
- Feumalachdan na sgìre ionadal
- Buaidh air cosnadh
- Goireasan malairteach, sòisealta agus coimhearsnachd
- Cothroman airson cur-seachad
Chan urrainn do neach a bhith a’ gearan mun droch-bhuaidh a bheireadh an leasachadh air prìs a thaighe fhéin: chan e ceist dealbhachaidh a tha sin. Gu h-annasach cuideachd, gu h-àraid air a’ Ghaidhealtachd far a bheil na seallaidhean cho math agus cho prìseal chan urrainn dha nas motha a bhith a’ gearan gun cuireadh an leasachadh bacadh air an t-sealladh aige: oir chan eil còir laghail aig duine ri sealladh tarsainn fearann neach eile.
Dòighean eile airson buaidh a thoirt air a’ cho-dhùnadh
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha torr de na nàbaidhean ag aontachadh, dh’ fhaodadh iad athchuinge a chur air bhonn, no dol a bhruidhinn ris a’ phàipear ionadail.
Ma gheibh cuideigin a-mach cuin a thig an t-iarrtas dealbhachaidh mu choinneimh na comataidh dealbhachaidh, faodaidh e bhith an làthair aig a’ choinneimh. Ma sgrìobhas e a-steach ro làimh, uaireannan gheibh e cothrom bruidhinn fad bheagan mhionaidean ris a’ chomataidh mus dèan iad co-dhùnadh.
As déidh co-dhùnadh na Comhairle
[deasaich | deasaich an tùs]Ma bheireas a’ chomhairle cead dealbhadhaidh seachad, mar as trice sin e; sin deireadh. Ann am fìor chorra shuidheachadh, bi Ministirean na h-Alba deònach an t-iarrtas a “ghairm a-steach” airson meòmhrachadh air.
Ma théid cead dealbhachaidh a dhiùltadh tha còir-tagraidh aig an iarrtair, ath-thagradh an aghaidh a’ cho-dhùnaidh. Chan eil gnothaichean ag obair an rathad eile, ge-tà. Chan eil ‘còir-tagraidh treas pàrtaidh’ ann an Albainn, agus ma théid aonta ri cead dealbhaidh cha ghabh ath-thagradh an aghaidh a’ cho-dhùnaidh sin.
Planaichean Structarail agus Planaichean Ionadail
[deasaich | deasaich an tùs]Tha na planaichean leasachaidh aig a’ Chomhairle - na Planaichean Structarail agus na Planaichean Ionadail - a’ toirt buaidh mhóir air na co-dhùnaidhean a thaobh cead-dealbhachaidh.
Is e sgrìobhainnean farsaing, ro-innleachdail a tha sna Planaichean Structarail, a’ gabhail a-steach àrainnean móra, uaireannan grunnd Chomhairlean Ionadail còmhla. Tha iad a’ toirt frèam do na Planaichean Ionadail.
Théid na Planaichean Ionadail a leasachadh a h-uile cóig bliadhna no mar sin, agus tha cothrom aig daoine fa-leth agus aig buidhnean coimhearsnach beachdan a chur a-steach aig an àm sin. Tha seo cudromach, oir nuair a tha Comhairle a’ beachdachadh air iarrtas dealbhachaidh, feumaidh an co-dhùnadh aca a bhith a réir nam poileasaidhean anns a’ Phlana Leasachaidh na sgìre, mura bheil fìor dheagh adhbharan ann slighe eile a ghabhail.
Taic Dealbhachadh airson Alba
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Taic Dealbhachadh airson Alba (Beurla: Planning Aid Scotland (PAS)) ’na bhuidheann saor-thoileach ga ruith le luchd-dealbhachaidh a tha barrantaichte agus eòlach. Tha iad a’ toirt seachad, saor ’s an asgaidh, comhairle don phobal agus trèanadh air cùisean dealbhachaidh do Chomhairlean Coimhearsnachd.