Jump to content

Aonghas Dubh MacNeacail

O Uicipeid
Aonghas Dubh MacNeacail
Beatha
Breith Ùige, 7 dhen Ògmhios 1942
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Na Pùballan
Bàs 19 dhen Dùbhlachd 2022
Teaghlach
Cèile Gerda Stevenson
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Àrd-sgoil Phort Rìgh
Bun-sgoil Ùige
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, librettist (en) Translate agus sgrìobhadair
Buaidh Philip Hobsbaum (en) Translate agus Black Mountain College (en) Translate
Gnè ealain bàrdachd
IMDb nm0534137
aonghasmacneacail.co.uk

Bha Aonghas MacNeacail ("Aonghas Dubh") (7 an t-Ògmhios 1942 - 19 an Dùbhlachd 2022) ’na bhàrd, chraoladair, eadar-theangair agus neach-naidheachd.

Sgeul-beatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Aonghas MacNeacail air 7 an t-Ògmhios 1942 ann an Ùige anns an Eilean Sgitheanach. Bha Gàidhlig aige bho thùs agus chaidh e do Bhun-sgoil Ùige, Àrd-sgoil Phort Rìgh agus as dèidh sin do dh'Oilthigh Ghlaschu. Bha e pòsta aig Gerda Stevenson, cleasaiche is sgrìobhaiche Albannach.

Sgrìobh Aonghas MacNeacail bàrdachd, òrain, dealbhan-cluiche, sgriobtaichean airson rèidio, telebhisean, film is opara.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Bàrdachd Ghàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Sireadh Bradain Sicir / Seeking Wise Salmon. Balnain Books, 1983.
  • An Cathadh Mòr / The Great Snowbattle. Balnain Books, 1984.
  • An Seachnadh / The Avoiding. Lines Review Editions, 1986.
  • Oideachadh Ceart / A Proper Schooling. Polygon, 1996.
  • Laoidh an Donais Oig / Hymn to a Young Demon. Polygon, 2007.

Bàrdachd sa Bheurla

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Imaginary Wounds. Print Studio Press, 1980.
  • Rock and Water. Polygon, 1990.
  • '[gun tiotal]' ann an Unstated: Writers on Scottish Independence deas. le Scott Hames Word Power Books, 2012, dd. 133-9.
  • Seachd (Young Films 2007, st. Simon Miller) - co-sgrìobhadair.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]