B' e dùthaich ann an Aimearaga a Tuath a mhair bho 1428 gu ruige 1521 a bh' ann an Ēxcān Tlahtolōyān air neo Impireachd nan Aztec (IPA: ˈjéːʃkaːn̥ t͡ɬaʔtoːˈlóːjaːn̥). Bha i suidhichte far a bheil Meagsago agus Guatamala an latha an-diugh. Chaidh Ēxcān Tlahtolōyān a stèidheachadh ann an 1428 nuair a thàinig trì stàitean beaga ri chèile: Mexico-Tenochtitlan, Tetzcoco agus Tlacopan. Thàing Ēxcān Tlahtolōyān gu crìoch gu h-obann ann an 1521 nuair a thug feachdan Crùn na Castilla fo stiùir Hernán Cortés ionnsaidh oirre.[1] B' e Tenōchtitlan - Baile Mheagsago an latha an-diugh - a bh' ann prìomh-bhaile na stàite.