Jump to content

Sagsainn

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Sachsen)
Sagsainn
federated state of Germany
Cur air cois10 dhen t-Samhain 1918 Deasaich
Ainm oifigeilFreistaat Sachsen Deasaich
Ainm dùthchasachFreistaat Sachsen Deasaich
Archives atSaxony State Archives Deasaich
Ainmichte às dèidhSaxons Deasaich
Neach bhon àiteSaščan, Saščanka Deasaich
Mòr-roinnAn Roinn-Eòrpa Deasaich
DùthaichA' Ghearmailt Deasaich
Prìomh-bhaileDresden Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailA' Ghearmailt Deasaich
Roinn-tìdeUTC+01:00, UTC+02:00 Deasaich
Domhan-leud is -fhad51°1′37″N 13°21′32″E Deasaich
Puing as àirdeFichtelberg Deasaich
Basic form of governmentparliamentary republic Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisMinister-President of Saxony Deasaich
Ceannard an riaghaltaisMichael Kretschmer Deasaich
Legislative bodyLandtag of Saxony Deasaich
Highest judicial authorityConstitutional Court of the Free State of Saxony Deasaich
Ball deIT Planning Council Deasaich
Cruth laghailKörperschaft des öffentlichen Rechts Deasaich
A’ gabhail a-steachMitteldeutsche Flughafen AG Deasaich
Na bha roimheSaxony Deasaich
Na bh’ann roimheDresden District, Karl-Marx-Stadt District, Leipzig District, Cottbus District Deasaich
Language usedEast Frisian Low Saxon, Upper Saxon, Sòrbais Uarach Deasaich
Àireamh fóin+49-351-5640 Deasaich
Email addressmailto:[email protected] Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.sachsen.de/ Deasaich
Described at URLhttp://id.worldcat.org/fast/1233658 Deasaich
Privacy policy URLhttps://www.sachsen.de/datenschutz.html Deasaich
Main regulatory textConstitution of the Free State of Saxony Deasaich
Bratachflag of Saxony Deasaich
Gearradh-armcoat of arms of Saxony Deasaich
History of topichistory of Saxony Deasaich
List of monumentsQ13409562 Deasaich
Economy of topiceconomy of Saxony Deasaich
Contact page URLhttps://www.sachsen.de/kontakt.html Deasaich
Impressum URLhttps://www.sachsen.de/impressum.html Deasaich
Mastodon instance URLhttps://social.sachsen.de Deasaich
Roinn-seòrsa an deilbhCategory:Views of Saxony Deasaich
Category for maps or plansCategory:Maps of Saxony Deasaich
Map

'S e saor-stàit Gearmailteach a tha ann an Sagsainn (Sachsen sa Ghearmailtis, Saxony sa Bheurla). Tha Dresden na phrìomh-bhaile.

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Sagsainn ann an earra-dheas na Gearmailt. Tha Brandenburg agus Sagsainn-Anhalt air taobh tuath dheth. Anns an iar tha Thüringen agus Bayern ann. Ann an ceann a deas Sagsainn tha an t-Seic agus tha a' Phòlainn san ear.

Na bailtean mòra

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Leipzig am baile as motha ann an Sagsainn. Tha e anns an iar-thuath Sagsainn. 'S e "Leipziger Messe" (Fhèill Leipzig) aon dhe na h-àiteachan-fèille as aosta air feadh an t-saoghail. Chaidh na togalaichean ath-nuadhachadh ann an 1996. An-diugh tha Leipzig cliùiteach m. e. airson an "Leipziger Buchmesse", (fèill leabhraichean Leipzig). Tha Radio MDR an seo cuideachd.

Tha Dresden na phrìomh-bhaile Shagsainn. 'S e cridhe poileataigeach agus cultarach a th' ann. Tha Chemnitz anns an ear agus Zwickau anns an earra-dheas cudthromach airson eaconomaidh. 'S e Plauen anns an iar-dheas am baile as motha anns an Vogtland. Tha Görlitz air taobh an iar an abhainn Neiße. An dèidh an Dàrna Cogaidh chaill iad an dàrna pàirt dhen bhaille air taobh an ear na h-aibhne don Phòlainn. An-diugh 's e Zgorzelec an t-ainm a th' air a' phàirt Phòlannach.

Chan eil Bautzen anns an earra-dheas uabhasach mòr, ach 's e prìomh-bhaile nan Sorbach a th’ ann.

Baile Ceàrn Àireamh-shluaigh
31 an Dùbhlachd 2000
Àireamh-shluaigh
31 an Dùbhlachd 2009
Atharrachadh
ann an %
Leipzig saor-baile 493.208 518.862 +5,20
Dresden saor-baile 477.807 517.052 +8,21
Chemnitz saor-baile 259.246 243.089 −6,23
Zwickau Zwickau 103.008 94.340 −8,41
Plauen Vogtlandkreis 71.543 66.412 −7,17
Görlitz Görlitz 61.599 55.957 −9,16
Freiberg Mittelsachsen 45.428 41.701 −8,20
Bautzen / Budyšin Bautzen 43.353 40.740 −6,03
Freital Sächsische Schweiz-Osterzgebirge 40.129 39.200 −2,32
Pirna Sächsische Schweiz-Osterzgebirge 42.108 39.030 −7,31
Hoyerswerda / Wojerecy Bautzen 50.203 38.218 −23,87
Riesa Meißen 39.367 34.324 −12,81
Radebeul Meißen 32.246 33.466 +3,78
Zittau Görlitz 32.775 28.638 –12,62
Meißen Meißen 29.398 27.693 −5,80

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Cruth na tìre

[deasaich | deasaich an tùs]
Cruth na tìre ann an Sagsainn

Tha cruth na tìre Shagsainn ag atharrachadh bhon thuath, far a bheil an dùthaich rèidh, gu deas, far a bheil na beanntan àrda ann.

Timcheall air Leipzig tha an Leipziger Tieflandbucht ann, roinn far a bheil an talamh glè thorrach. Anns an àm a dh’fhalbh bha mòran mèinnean-ghuail ann. Ach an uair sin chuireadh craobhan is lusan air ais air an àite agus cleachdar e mar àite cleasachd an-diugh.

Ri taobh an abhainn Elbe agus timcheall air Dresden tha an Dresdner Elbtal (Gleann Elbe Dresden) ann. Eadar 2004 is 2009 bha pàirt den ghleann Elbe na Làrach Dhualchas na Cruinne den UNESCO. Air sgàth 's gu bheil an t-sìde nas blàithe agus nas tiorma an-sin, tha fìon-liosan agus àiteachas measan an seo.

Taobh an ear-thuath Shagsainn tha an Niederlausitz le coilltean-feàrna, talamh-fraoch agus coilltean-giùthsach ann.

Ach tha an Oberlausitz air taobh an earra-dheas Shagsainn ioma-chruthach. Tha an Oberlausitzer Heide und Teichgebiet faisg air Bautzen a' gabhail a-steach roinnean le fraoich is lochan a tha cudromach do bhith-chruinne. Mar sin chaidh e a dhìonadh mar Ionad-dìon Nàdair leis an UNESCO ann an 1996. Ann am mheadhan an Oberlausitz tha cnocan beaga ann le talamh math airson àiteachas. Air àirde a deas tha an Lausitzer Bergland ann a tha a' gabhail a-steach an Zittauer Gebirge. Tha a' chuid as motha den talamh à clachan ghràineil.

Tha Sächsisches Mittelgebirge le cnocan beaga sgaoilte bhon iar gu ear Shagsainn. Air àird a deas na dùthcha tha beanntan mòra ann ris an canar: Vogtland le Elstergebirge, Erzgebirge, Elbsandsteingebirge agus Lausitzer Bergland leis an Zittauer Gebirge (bhon iar gu ear).

Elbsandsteingebirge
An abhainn Elbe ann an Dresden

Tha Schneehübel (974 m) agus Schneckenstein (883 m) anns am Vogtland. 'S e Hoher Brand (805 m) a' bheinn as àirde anns an Elstergebirge. Anns an Erzgebirge tha am Fichtelberg (1215 m), an Eisenberg (1208 m), an Auersberg (1019 m) agus an Einsberg (1003 m) nas àirde na 1000 meatair. Tha an Großer Zschirnstein (562 m) anns an Elbsandsteingebirge. 'S e Lausche (793 m) a' bheinn as àirde anns an Zittauer Gebirge.

Aibhnichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo cuid de na h-aibhnichean as cudromaiche, tha iad a' ruith gu tuath:

  • Elbe, an t-aona abhainn a tha math gu leòr airson bàtaichean mòra
  • Mulde
  • Weißeritz
  • Zschopau
  • Weiße Elster
  • Spree
  • Lausitzer Neiße, 's e an abhainn seo a' chrìoch eadar a' Ghearmailt agus a' Phòlainn.

Mion-chànain

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann ann Sagsainn tha Sòrbais Uarach ga bruidhinn, gu h-àraidh eadar Bautzen (Budyšin), Kamenz (Kamjenc) agus Hoyerswerda (Wojerecy). Tha eadar 40,000 is 55,000 duine a' cleachdadh Sorbais Uarach mar phrìomh-chànain. 'S e Bautzen teis-meadhan nan Sorbach agus cridhe dhen bheatha chultarach. Tha mòran bhuidhnean an seo a tha ag obair gus a' chànain aca a shàbhaladh.

Tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais Uarach mar mhion-chànain anns a' Ghearmailt. [1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cairt Eòrpach nam Mion Chànan

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]