B' e feallsanaiche agus matamataigear às a' Ghearmailt a bha ann an Gottfried Wilhelm Leibnitz.
Tha e ainmeil air sgàth 's gun do chruthaich e an comharradh àbhaisteach airson a' chalcalais, rinn e inneal airson rìomhaireachd agus sgrìobh e feallsanachd anns an robh coincheip de mhònadan.[1]
Rugadh e ann an Leipzig1 an t-Iuchar1646. Dh'inntrig e an t-oilthigh nuair a bha e ach 14 bliadhna a dh'aois. Dh'ionnsaich e matamataig agus feallsanachd à Erhard Weigel aig Oilthigh Jena ach fhuair e dotaireachd ann an lagha ann an 1667. Rannsaich e matamataig agus fiosaig còmhla ri Christiaan Huygens ann an 1672 agus chaidh e dhan Comann Rìoghail ann an Lunnainn ann an 1673 agus thagh iad mar bhall e ann an 1673. Thaisbean e inneal rìomhaireachd ach cha do chur e crìoch air. Thill e gu Paris far an do dh'innlich e a' chomharradh ∫f(x) dx airson iontagrachaidh a tha sinn fhathast a' cleachdadh anns an latha an-diugh.[1][2]
Chaidh e na leabhar-lannaiche agus comhairliche airson Diùc Hànobhar ann an 1676 agus mhair e an sin gus an do bhàsaich e 14 an t-Samhain1716.
Dh'fhoillsich Leibnitz an obair aige air diofarachadh ann an 1684 agus air iontagrachadh ann an 1686. Ged a sgrìobh Isaac Newton air na cuspairean seo ann an 1671, cha do dh'fhoillsich Newton e agus chuir John Keill, matamataigear à Alba, mèirle-sgrìobhaidh air Leibnitz. Chuir comataidh a' Chomainn Rìoghail taic ri Newton ann an 1713 ach b' e Newton fhèin a sgrìobh an aithris![1] Sgrìobh Leibnitz gu Caroline à Anspach a bha na bana-phrionnsa na Cuimrigh aig an àm sin agus e a' toirt rabhadh an aghaidh Newton. Dh'iarr i eadar-theangachadh de Theodicé aig Leibnitz agus dh'eadar-theangaich Samuel Clarke e. Tha an co-sgrìobhachas eadar Leibnitz agus Clarke cudromach ann am feallsanachd saidheins.[3]