Ezequiel Hurtado
Ezequiel Hurtado | |||
---|---|---|---|
22 dhen Dàmhair 1882 - 1 dhen Ghiblean 1884 ← José Eusebio Otálora - Rafael Núñez Moledo → | |||
Beatha | |||
Breith | Silvia, 14 dhen Dùbhlachd 1825 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Popayán, 24 dhen t-Sultain 1890 | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia | ||
B’ e Ezequiel Hurtado Hurtado neach-poileataigs, saighdear agus stàitire à Coloimbia[1], a bha na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1883 agus1884.[2][3]. Rugadh e ann an Silvia, anns a’ Chauca air 14mh an Dùbhlachd 1825 agus dh’eug e ann am Popayán 24mh an t-Sultain 1890. Mac Nicolás Hurtado agus María Trinidad Hurtado, fhuair Ezequiel Hurtado a chuid fhoghlaim anns an sgoil San José agus an dèidh sin dh’ionnsaich e Lagh aig Oilthigh Chauca, far an tug e ceum air 27mh am Faoilleach 1852. An uair sin bha e na ollamh aig an oilthigh sin.[4]
Anns na Cogaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Fhuair e a’ chiad bhlas a’ chogaidh ann an 1851, nuair a bha e an sàs ann an dìon bunaite laghail na dùthcha. Thoisich a bheatha armailt poiliteagach ceart gu leòr dà bhliadhna an dèidh sin, nuair a bha e an sàs anns na sabaidean an aghaidh an deachdaire José María Melo ri taobh a' Pàrtaidh Libearalach. Bho 1860, bheireadh e pàirt anns na còmhragan rèabhlaideach an aghaidh Riaghaltas an Tòraidh Mariano Ospina Pérez. A bharrachd air sin bha e am measg na feachd aig an t-Seanalair Tomás Cipriano de Mosquera is bhuannaich iad ann an 1861; Fhuair e an rang dhe Seanalair an Airm air a sgàth. An dèidh sin bha e an sàs ann am Mòr-dhàil a’ Chauca agus e iomadh thuras am broinn a’ Bhuidhne Riaghlaidh na Stàite co-dhiù. A bharrachd air sin, thug e pàirt anns a’ Cho-Chruinneachaidh dhe Rionegro, a chuir Bun-reachd 1863 air dòigh.
Anns a' Phoileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh sin, ann an 1868, chaidh e a thaghadh mar Riochdaire dhan Mhòr-dhàil agus an uair sin mar Sheanadair. Chaidh e a dh’ainmeachadh ministear a’ chogaidh is a’ Chabhlaich leis a’ cheann-suidhe Julián Trujillo Largacha ann an 1878 agus an ceann bhliadhna chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe (Riaghladair) Stàit Fèin-riaghlach A’ Chauca, airson teirm dhe ceithir bliadhnachan (1879 - 1883); Fhuair e an dreuchd sin tron "Rèabhlaid A’ Ghiblein" (1879), leis na seanalairean Eliseo Payán agus Juan de Dios Ulloa os a chionn, is iad nan riochdairean co-bhann dhe na daoine aig Mosquera agus daoine neo-eisimeileach a bha an aghaidh na mì-ghnàthachaidhean a rinn na daoine radaigeach.
Nuair a leig e an dreuchd sin ann an 1883, chaidh e a thaghadh leis a’ Mhòr-dhàil mar neach-ainmichte gu Ceannas na Dùthcha agus chaidh e a dh’ainmeachadh mar Bhritheamh Àrd-Chùirt a' Cheartais cuideachd. Le sin chleachdadh e còirichean a’ chinn-suidhe eadar an Giblean agus an Lùnasdal 1884, air sàilleabh na dàlach a bha aig Rafael Núñez airson an dreuchd fhaighinn. Nuair a chuir e a Bhuidheann Riaghlaidh air dòigh thug e na raoin-ùghdarrasan dhe Riaghaltas (ministrealachd na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh), Maoineachadh, Ionmhas, Leasachadh, Dùthchannan Cèin, Foghlam agus Cogadh gu Manuel M. Castro, Felipe Angulo, Mariano Tanco y José María Caro, José J. Vargas, Eustorgio Salgar, Napoleón Borrero agus José María Campo Serrano fa leth.
Fhuair e dreuchdan cudromach seadh anns a’ Chauca, seadh aig ìre nàiseanta, bha e na Bhritheamh aig Taigh-cùirte a’ Chauca agus aig Àrd-chùirt a' Cheartais, eadar dreuchdan eile cargos. A bharrachd air sin , bha e an sàs anns a’ ghnìomhachas na Cairte-Gheal (neo Quinine) anns an Stàit sin.
An dèidh a’ chinneas fhàgail thug e fuidse do Phròiseact an Ath-bheòthachaidh a bha aig Núñez, ann an Cogadh ann an 1885, agus chuir iad dhan phrìosan e, far an d’ fhuair e fìor dhroch làimhseachadh, an uair sin thilg iad a-mach an dùthaich e gu Costa Rica; fhuair e cead airson tilleadh ann an 1889, far an do bhàsaich e an ceann greis.
Tha an duslach aige na laighe ann an Teampall nan Urramach (El Panteón de los Próceres) anns a’ bhaile Popayán ann an (Cauca), coisrigte ann an 1940 leis a' Cheann-suidhe Guillermo León Valencia.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Gallaraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)