Jump to content

An Dàrna Cogadh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Darna Cogadh)
An Dàrna Cogadh

Ceann-latha 1mh an t-Sultain, 1939 – 2mh an t-Sultain 1945
Àite an Roinn Eòrpa, Afraga, Àisia
Buil Buaidh na Caidreachais
Luchd-cogaidh
An Caidreachas: *a' Ghearmailt

'S e cogadh mòr a bha anns An Dàrna Cogadh, eadar 1939 agus 1945 eadar dùthchannan a' Chaidreachais is a' Ghearmailt, An Eadailt agus Iapan. 'S e an cogadh a bu sgriosaile a thachair ann an eachdraidh an t-saoghail. Chaill còrr is 60,000,000 am beatha 's cha robh ceàrn an t-saoghail nach do dh'fhairich a bhuaidh. Bha feachdan an Fhaisisteachais, an Deamocrasaidh agus an Co-mhaoineas a' sabaid ri chèile sa chogadh.

An Cùmhnant Munich

[deasaich | deasaich an tùs]

29mh an t-Sultain, 1938, chuir Neville Chamberlain (A' Bhreatann Mhòr), Édouard Daladier (An Fhraing), Adolf Hitler (A' Ghearmailt) is Benito Mussolini (An Eadailt) An Cùmhnant Munich (Seicis: Mnichovská dohoda; Beurla: Munich Agreement) air bhonn. A rèir An Cùmhnant Munich, fhuair Adolf Hitler sgìrean faisg air na crìochan far a bheil sluagh Ghearmailtrach a' fuireach, Sudetenland, bhon t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia).

Na prìosanaich tinne leis an acras ann am camp-braighdeanais Ebensee

Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is murt den Iùdhaich Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh Adolf Hitler air a' chuspair sin san leabhar leis - Mo Chath Fhein (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san Chiad Cogadh. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.

Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na Roinn-Eòrpa, mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia), Mauthausen anns An Ostair agus Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Ravensbrück is Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.

An Dàrna Cogadh ann an litreachas

[deasaich | deasaich an tùs]

Litreachas Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Rosg Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]


Bàrdachd Ghàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Litreachas Aimeireaganach

[deasaich | deasaich an tùs]

Litreachas Pòlainneach

[deasaich | deasaich an tùs]

Litreachas Eile

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Anne Frank, The Diary of a Young Girl (1944)
  • Vercours, Le Silence de la mer ("Sàmhachd na mara") (1941)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]