Clach
Ann an eòlas-talmhainn canar clach ri gràinnean mèinnireach a tha ceangailte rin chèile gu nàdurra ann an staid chruaidh. Tha rùsg na talmhainn air a dhèanamh à cloich.
Sa chumantas thèid clachan a' seòrsachadh a rèir a' cho-dhèanamh cheimigich is mèinnirich aca, a rèir structar nam mìrein aca agus a rèir a' phròiseis anns an deach iad a chruthachadh.
Seòrsaichean
[deasaich | deasaich an tùs]Seo na trì prìomh roinnean-seòrsa de chlachan:
- Clach theinnteach: Chaidh iad a chruthachadh le magma no làbha a bha air am fàs fuar. Canar clach Phlutonach ris an fheadhainn far an robh fuarachadh magma a' tachairt am broinn na talmhainn agus clach bholcànach ris an t-seòrsa a chaidh a chruthachadh à làbha air bàrr an talmhainn.
- Clach chruth-atharrachail: Bha robh cruth na cloiche tùsanaich ag atharrachadh fo bhuaidh teas àrd is fo bhrùthadh no tro phròiseas tectonic.
- Clach ghrùideach: Chaidh iad a chruthachadh le tasgaidhean de stuth air bàrr na talmhainn a bha air a gluasad gu àite eile le uisge, gaoith, deidh no eigh-shruth. Bha gràinnean mèinnireach agus/no mìrean fàs-bheartach a' tuiteam air a' bhonn agus a' càrnadh.
'S e petrology an rannsachadh saidheansail air na clachan, tha e na phàirt riatanach de eòlas-talmhainn.
Cleachdadh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha agus tha buaidh mhòr air cleachdadh nan clachan air leasachadh cultarail agus teicneòlach nan daoine.
Ann an Linn na Cloiche (eadar 2.6 millean is 7 mìle bliadhna RC) thòisicheadh clachan a chleachdadh mar innealan. Lorgadh an fheadhainn a bu shine anns an roinn far a bheil an Aetiòp an-diugh, tha iad eadar 2 is 3 millean bliadhna a dh'aois.
Anns na seann làithean chaidh togalaichean a thogail le clachan a-mhàin, an-diugh chithear clachan gu math tric am broinn an taighe mar làr, mar staidhir no anns a' chidsin, no taobh a-muigh air na rathaidean. Thèid an cleachdadh airson clach-chuimhneachain no mar bun-stuth ann an ealain cuideachd.
Ann an eachdraidh bha mèinnearachd nan clachan cudromach airson adhartas a thoirt do na daoine. Bho Linn an Iarainn a-mach bhathar a' feuchainn meatailt fhaighinn às na clachan. An toiseach chaidh teine a chleachdadh, ach dh'fhàs sin gu gnìomhachas cudromach. Chithear mar eisimpleir tobhtaichean de mhèinnearachd iarainn ann an Ratharsair, a chuir ri eaconomaidh an eilein aig deireadh an 19mh linn. Lorgar daoimeanan, gual is mòran rudan eile anns na clachan eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail a dh'fhiach airson mhèinnearachd.
Air a' Ghàidhealtachd chaidh clachan a chleachdadh airson taighean no feansaichean a thogail gu h-àraid anns na h-àitichean far an robh fiodh gann. Chithear cuideachd mòran chlachan Chruithneach a bhios a' toirt iomradh mu eachdraidh nan tuineachaidhean. Tha Clach a' Charraidh ann an Seannduaig na deagh eisimpleir de chloich Chruithnich Clas II.