Cesena
Coltas
Cesena | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Eadailt |
Ceàrn | Emilia-Romagna |
Co-chomharran | 44° 08′ 00 Tuath 12° 14′ 00 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 249.47 km² |
Àireamh-shluaigh | 97,484 (2011) |
Dlùths | 390.76/km² |
Àireamh fòn | +39 0547 |
Duilleag oifigeil | http://www.comune.cesena.fc.it |
‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na h-Eadailt a th’ ann an Cesena (IPA: tʃɛˈzeːna, Laideann: Caesena). Tha e suidhichte aig 38m os cionn ìre na mara,[1] faisg air Santarcangelo di Romagna agus Ravenna, ri taobh na h-Aibhne Savio anns an sgìre (Eadailtis: Provincia) Forlì-Cesena, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Emilia-Romagna, 15km air falbh bhon a’ Mhuir Mheadhanach, 250km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 282km bho Mhilano, 144km bho Phadova agus 90km bho Fhirenze.[2] Tha 97,484 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[3] an 51 na dùthcha.[4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuineadh Cesena do Stàitean na h-Eaglaise.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Angelo Onofrio Melchiorre Natale Giovanni Antonio Braschi: 1717 – 1799. Pàp bho 1775 gu 1799.
- Luigi Barnaba Niccolò Maria Chiaramonti (1742 – 1823): Pàp bho 1800 gu 1823.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Moresco[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas Sluaigh na h-Eadailt
- ↑ Bailtean na Cruinne[dead link]
- ↑ Moresco