Buenaventura
Buenaventura
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Valle del Cauca | ||||
Àirde | 7m | ||||
Co-chomharran | 03° 53' 35' Tuath 77° 04' 10' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 6,070 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 328,794 (2005) | ||||
Dlùths | 54.17/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile mòr ann an Valle del Cauca, Coloimbia,[1] a th’ann Buenaventura. Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha dìreach air oirthir a’ Chuain Sèimhe aig 7m os cionn ìre na mara agus 128km air falbh bho Chali. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Buenaventura an 18mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1550.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Bonaventure,[3] neo Buenaventura ann an Spàinntis. Tha an t-ainm a' ciallachadh deagh àigh, bho buena (math) agus ventura (àgh).[4]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 328,794 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 35,847 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine le freumhan ann an Afraga a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Buenaventura (88.6%), ach tha 0.8% dhe Tùsanaich agus 10.6% dhe daoine geala/mestizos cuideachd. ' S urrainn dhan 83.4% dhe na daoine ann an Buenaventura leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 31.8% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Buenaventura. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Catholic Revelations
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia